Capercaillie Oran Sugraidh
'S i nighean mo ghaoil an nighean donn og
Nam biodh tu ri m' thaobh cha bhithinn fo bhron

'S i Mairi Nic Neachdain as daicheile pearsa
Ghabh mis' uiread bheachd ort ri neach a tha beo
'S i nighean mo ghaoil an nighean donn og
Nam biodh tu ri m' thaobh cha bhithinn fo bhron
'S i nighean mo ghaoil an nighean donn og
'N uair sheallas mi t' aodann 's mi 'n coinneamh ri t' fhaotainn
Gur math leam nam faodainn bhith daonnan ad chòir
'S i nighean mo ghaoil an nighean donn og
Nam biodh tu ri m' thaobh cha bhithinn fo bhron
'S i nighean mo ghaoil an nighean donn og
Cha leig mi thu 'n fhireach thoirt a' chruidh as an innis
Air eagal na gillean bhith sireadh do phog
'S i nighean mo ghaoil an nighean donn og
Nam biodh tu ri m' thaobh cha bhithinn fo bhron
'S i nighean mo ghaoil an nighean donn og
Bheir mis' thu Dhun Eideann a dh' ionnsachadh Beurla
'S chan fhag mi thu 'd eigin ri spreidh an fhir mhòir
'S i nighean mo ghaoil an nighean donn og
Nam biodh tu ri m' thaobh cha bhithinn fo bhron
'S i nighean mo ghaoil an nighean donn og
'S e mheudaich mo ghaol ort gun d' fhas thu cho aobhach
'S gun leumadh tu daonnan cho aotrom 's na h-eòin